Programme Index

Discover 10,239,477 listings and 242,522 playable programmes from the BBC

Beag air Bheag

Series 3

Episode 1

Duration: 56 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for over a year

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa chiad phrògram den t-sreath seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Pam Bochell agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne a' tilleadh airson sreath eile le Oisean a' Ghràmair agus tha Siobhan NicAonghais cuideachd a' tilleadh le fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba.

Cuideachd anns an t-sreath ùr seo, bidh sinn a' toirt thugaibh sgeulachd ghoirid thairis air na deich seachdainean a tha romhainn, "An Claigeann aig Damien Hirst" le Maoilios Caimbeul. Cluinnear a' chiad earrann den sgeulachd, air a leughadh le Daibhidh Walker, anns a' phrògram seo.

In the first programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Pam Bochel about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language and we hear the first part of our serialisation of Maoilios Caimbeul's short story "An Claigeann aig Damien Hirst" read by David Walker. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More