Programme Index

Discover 10,053,839 listings and 230,710 playable programmes from the BBC

Dèanamaid Adhradh

An t-Urr Jack MacArtair, Eaglais Naomh Chaluim Chille, Glaschu - 1991

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 37: 39-40 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 65: 2-3 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh:Gnìomharan 12: 1-17
Ceann-teagaisg Gnìomharan 12: 5 & 12

Rugadh Iain Murchadh MacArtair, no Jack mar a b' fheàrr a dh' aithnicheadh daoine e, air an naoidheamh là fichead den Iuchar 1938 ann am baile Mharabhaig an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas. Bha ochdnar anns an teaghlach aca, còignear bhalach agus triùir nighean. Chaidh Mgr MacArtair iompachadh còmhla ri mòran eile ri linn an t-searmonaiche ainmeil, an t-Urr Donnchadh Caimbeul ann an Leòdhas anns na leth-cheudan. Fhuair Mgr MacArtair foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu eadar 1957 agus 1959 agus thug e mach dreuchd neach-teagaisg. Chaidh e air ais dhan oilthigh ann an 1963, an turas seo air an t-slighe chun na ministrealachd. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966, coitheanal Cheann Loch Biorbhaidh agus Dhiùranais ann an Cataibh far an robh e a' cumail sheirbheisean Gàidhlig. Ann an 1971 ghluais e a Chàrlabhagh agus fhads a bha e ann an Leòdhas thòisich Comhairle nan Eilean ann an 1974. Bha Mgr MacArtair na chathraiche air Comataidh an Fhoghlaim aig a' chomhairle. Dh'fhàg e Leòdhas ann an 1979 agus chaidh e dhan Ath Leathann san Eilean Sgiathanach. Cha robh e fada an sin nuair a chaidh a thaghadh mar chomhairliche air Comhairle Roinn na Gàidhealtachd agus na chathraiche air Roinn an Fhoghlaim ann a sin cuideachd. Bha Mgr MacArtair aithnichte airson an obair mhòr a rinn e anns na h-Eileanan agus air Ghàidhealtachd airson foghlam agus Gàidhlig.

Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu ann an 1989 far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 1996. Bha Mgr MacArtair ainmeil mar shearmonaiche a' tàladh sean is òg chun na seirbheisean aige agus bha e cuideachd ainmeil mar neach-poilitigs. Bha e pòsta aig Cathie agus bha dithis nighean agus gille aca. Bhàsaich Mgr MacArtair aig aois tri fichead sa ceithir anns an Dùbhlachd 2002. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More