Ann a 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.
An-diugh tha Fionnlagh anns a' Chnoc Àrd ach an toiseach, mus ruig e sin, tha Loch Stiapabhat a' tarraing aire le bheartas eòin. Air a' rathad thachair e ri Peigi Màiri Nicleòid agus Mairead NicAmhlaigh nach robh e air fhaicinn o chionn greis. Tha e cuideachd a' cuimhneachadh air call na h-Iolaire agus an àite bh' aig Am Patch agus 'An Mhurdo anns an eachdraidh agus tha e a' cluinntinn bho Pheigi NicIlliosa a chaill a h-athair anns an tubaist. Gheibh sinn a-mach cuideachd mar a chaidh na daoine a chuir a-mach à Tobhta Gormaig ann am Port Nis.
A thilleadh air a sin seinnidh Màiri Nic a' Ghobhainn an t-òran Trì Fichead Bliadhna sa Trì agus aithrisidh Fionnlagh Òran Shùlaisgeir. Show less